Beachd Ailein with Allan Campbell

Want to read more?

We value our content and our journalists, so to get full access to all your local news updated 7-days-a-week – PLUS an e-edition of the Oban Times – subscribe today for as little as 56 pence per week.

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

A’ leughadh seo is deireadh bhliadhna a’ teannadh agus cha b’ iongnadh dhuinn sealltainn air ais air na thachair troimhpe, agus cuideachd beachdachadh air rudan nach do thachair mar a dh’iarramaid. Mar a tha seanfhacal ga chur “is ann an ceann bliadhna a dh’innseas iasgair a
thuiteamas”.

Tha e nàdarra dhan a h-uile duine rùintean a bhith aca aig àm bliadhn’ ùir, agus tha leithid sin a’ toirt togail ann am meadhan a’ gheamhraidh. Gach soirbheachadh dhuibh le bhur cuid dòchais airson 2018, tha mi a’ guidhe gun tig co-dhiù cuid aca gu buil dhuibh!

Ach mar a tha daonnan fìor a thaobh dhòchais, bidh mòran den bhuil an urra ri ìre na saothrach a chuireas sinn fhìn an sàs gus na h-amasan a choileanadh. Bidh mòran rùintean againn cuideachd air nach eil cus smachd neo buaidh gu bhith againn fhìn, ged a bhios sinn gam meas air leth cudromach.

Dè na rùintean a dh’iarramaid gus cor a’ chinne-daonna agus an t-saoghail a leasachadh?

Chan eil duine a chunnaic dealbhan de chloinn a’ bàsachadh le acras feadh an t-saoghail nach dùraig stad a chur air suidheachadh sam bheil còrr air trì millean leanabh gan call ri linn dìth bìdh gach bliadhna. Ged a tha aimsir agus gort ag adhbharachadh cuid den trioblaid sin, tha cogaidhean nam prìomh adhbhair air fulang chloinne agus inbheach neoichiontach, air an glacadh eadar sannt, coirbteachd, agus mì-rian dhaoine le cus cumhachd ach ro bheag cèille.

Nach biodh e nàdarra ma-thà gum bitheamaid uile a’ guidhe gum faigheadh ceannardan eadar-nàiseanta deagh chomhairle a bheireadh buaidh orra sìth a chur air toiseach air gach rùn poilitigeach eile. Nach bu mhath gum biodh a’ chomhairle bhuapa, agus a chunnacas aca, a’ cur ri fois agus càirdeas eadar-nàiseanta.

‘S e adhbhar iomagain a th’ ann nuair a chithear a’ bhuaidh a bheir cumhachd phoilitigeach air daoine ge b’ e ciamar a fhuair iad a dh’ionnsaigh nan dreuchdan sam bheil iad. Gun teagamh tha mòran feadh an t-saoghail gu math draghail mun chòmhstri eadar Ceann-suidhe
Ameireagaidh agus Coirea a Tuath, agus sinn a’ faicinn dithis a tha grad agus bras ann an suidheachaidhean sam faodadh fear seach fear cogadh adhbharachadh. Ma bha riamh rùn ris an cuireamaid uile taic, tha fhios gur e gun tòisich daoine cumhachdach air èisteachd barrachd seach a bhith a’ creidsinn gur ann aca fhèin a tha an gliocas as fheàrr air a h-uile rud.

Theagamh gum bheil cus dòchais san abairt a leanas ach tha mi ga guidhe dhuibh uile le gach deagh dhùrachd airson na Bliadhn’ Ùire nuair a thig i! A h-uile latha sona dhut, gun latha idir dona dhut!

As the year draws to a close, it is natural for people to reflect on what it delivered and also on aspirations which were not realised. It is always good to plan new personal resolutions, and equally important to consider ways to move towards world peace and to end hunger and poverty. No problem!

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk.

Read more about:

Related Articles