Allan Campbell – week 48

Want to read more?

We value our content and our journalists, so to get full access to all your local news updated 7-days-a-week – PLUS an e-edition of the Oban Times – subscribe today for as little as 56 pence per week.

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

Beachd Ailein 30 An t-Samhain 2017

‘S FHEÀRR A BHITH a dhìth a’ chinn na dhìth an fhasain! Tha mi a’ creidsinn gur ann gu sònraichte a’ buntainn ri èideadh a tha an seanfhacal seo, ach ‘s fhiach faighneachd dè th’ ann am fasan. Ann am mòran shuidheachaidhean chan eil ann ach cleachdadh, agus math na dona e, aon uair ‘s gum bheil àireamh àraid ris tha e “fasanta”. Ach glè thric cha do dh’fhàg sin ceart neo ciallach e!

Bho chionn greise a-nise tha deasbad a’ dol a thaobh a’ chroin a dh’fhaodadh luchd-spòrs a bhith a’ fulang ri linn bhuillean dhan cuid cheann, gu h-àraid an fheadhainn a tha ri sabaid-dhòrn agus cluicheadairean bhall-coise a bhios a’ cur an cinn ris a’ bhall. Ged a tha mòran luchd-eòlais slàinte den bheachd gum bheil buillean den t-seòrsa seo a’ dèanamh damaiste air eanchainn nam feadhna a tha ris, chan eil làn-dhearbhadh ann fhathast agus tha cuid a tha an sàs anns na cleasan sin gu proifeiseanta nach eil idir a’ gabhail ris.

Le ceangal a-nise ga dhèanamh eadar buaidh leithid seo de bhuillean thar ùine agus seargadh-inntinne, tha obair- rannsachaidh air tòiseachadh gus a’ chùis a dhearbhadh taobh seach taobh. Saoilidh mi fhìn gum bheil fiù ’s amharas a thaobh an dochainn a dh’fhaodadh seo a bhith ag adhbharachadh na rabhadh gu leòr dha spòrs anns an fharsaingeachd barrachd faicill a ghabhail a thaobh a bhith a’ dìon chluicheadairean bho bhuillean mun cheann. Gun teagamh cluinnear cuid ag argamaid gun cailleadh ball-coise tòrr de chuid ealantais nan robhar dol a stad buillean-cinn, ach air an làimh eile ma tha leithid a ghluasad dol a ghleidheadh slàinte chluicheadairean agus dol a chaomhnadh dha seirbheis slàinte, tha fhios gun fhiach beachdachadh air.

Chaidh oidhirp a dhèanamh ann an iomain bho chionn bhliadhnaichean gus cluicheadairean òga a bhrosnachadh gus clogadan a chleachdadh. B’ e a’ bharail a bh’ ann gun leanadh am fasan bhon òigridh gu sgiobaidhean nan inbheach, ach cha do shoirbhich leis an amas gu tur idir agus chan eil ach beagan de chluicheadairean iomain a’ dìon an cinn. Ach tha cuid de shàr chleasaichean ga dhèanamh, agus a’ dearbhadh nach eil clogad a’ cur casg sam bith air an cuid cluiche.

Ghabh mi iongnadh nuair a chuala mi gun robh riochdairean bho bhuidheann nàiseanta rothaireachd air bruidhinn a-mach an aghaidh beachd gum bu chòir dhan lagh clogadan agus èideadh soilleir iarraidh dha luchd-baidhsagal. Chan aithne dhomhsa dràibhear nach aontaicheadh gu tur le sin, agus gum feumadh iad solais a bhith aca air an oidhche cuideachd! Nach annasach ma-thà, riochdairean nàiseanta rothaireachd a bhith ag argamaid an aghaidh dìon den t-seòrsa, agus fiù ‘s aon neach ag ràdh nach eil dearbhadh ann gum bheil clogadan a’ dèanamh uimhir sin de dh’fheum dha luchd-cleachdaidh bhaidhsagal!  Dìth cèille saoilidh mise!

Any possibility of a link between regular blows to the head in some sports and dementia should be enough to encourage change, prevent illness, and save future health service budgets.

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

 

Read more about:

Related Articles