Beachd Ailein with Allan Campbell

Want to read more?

We value our content and our journalists, so to get full access to all your local news updated 7-days-a-week – PLUS an e-edition of the Oban Times – subscribe today for as little as 56 pence per week.

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

BHA MI AIG DÀ CHRUINNEACHADH bhliadhnail air an t-seachdain seo chaidh, agus chòrd iad fìor mhath rium. Ged a tha tomhas de dh’eadar-dhealachadh eadar Comunn Leòdhais is na Hearadh Ghlaschu (CLHG) agus Comunn Gàidhlig Inbhir Nis (CGI), tha iad le chèile air a bhith nan seòrsa de thèarmainn dha Gàidheil anns na bailtean sin fad iomadh bliadhna.

Nach math an naidheachd gum bheil fàilte bhlàth agus furan roimh choigreach sam bith a thadhlas air gin de na cruinneachaidhean aca, agus gum bheil sin gu sònraichte fìor dha Gàidheil a nochdas. Nochd CGI ann an 1871 agus CLHG sia bliadhna deug an dèidh sin ann an 1887, an dà bhuidheann aig àm a bha gu math riaslach agus doirbh dha mòran de shluagh na Gàidhealtachd is nan Eileanan.

A’ sealltainn air ais air suidheachadh chroitearan thar bhliadhnaichean an dàrna leth den naoidheamh linn deug, cha robh e na iongnadh gun do dh’èirich na daoine an aghaidh brùidealachd agus ana-ceartas nan uachdaran agus nam bàillidhean a bh’ orra.

Ach ged a bha ceannardan calma aig na croitearan, a bha deònach iad fhèin a chur ann an cunnart smachdachaidh laghail, bha neart ionmhais agus siostam uachdaranais na dùthcha daonnan ag iomairt nan aghaidh agus gan cur sìos.

Mar eisimpleir, ann an 1877 shiubhail neach-naidheachd bhon phàipear-naidheachd, An Scotsman, tro Mhuile, An t-Eilean Sgitheanach, agus Leòdhas, agus cuid de thaobh an iar tìr-mòr na dùthcha a dh’aithris air suidheachadh chroitearan. Ach bha na nochd bhuaithe calg-dhìreach an aghaidh fianais luchd-aithris eile agus a’ dearbhadh an t-seasamh phoilitigeach a bh’ aige fhèin agus aig a’ phàipear sin aig an àm.

B’ e dòigh àiteachais millteach a bh’ ann an croitearachd, thuirt e, agus bha na daoine leisg agus neo-èifeachdach a thaobh obair-fearainn agus a cheart cho beag feum a thaobh an iasgaich. Thug e càineadh sònraichte air
coimhearsnachdan Leòdhais agus air mar a bha croitean gan roinn eadar buill theaghlaichean ‘aig nach robh de sgoinn iomairt a dhèanamh a dh’ionnsaigh saoghal na b’ fheàrr dhaibh fhèin taobh a-muigh na Gàidhealtachd’.

Thug CGI, CLHG, agus mòran bhuidhnean eile le ceanglaichean Gàidhealach taic làidir agus luachmhor dha na croitearan, agus bha Rannsachadh a’ Mhorair Napier ann an 1883 agus a’ chiad Achd Croitearachd ann an 1886 nan dearbhadh air èifeachdas na taice sin.

Nach math gum bheil iad ann fhathast, agus ged a tha an saoghal air iomadh car a chur bho thòisich iad, chan eil teagamh nach eil trioblaidean is dùbhlain gu leòr aig Gàidheil agus eile fhathast air am faodadh iad cuimseachadh gus leasachaidhean a shireadh! Càite an tòisich sinn?

Attending the annual dinners of Glasgow’s Lewis and Harris Association and the Gaelic Society of Inverness last week, I was reflecting on the vital support which these and other similar organisations had given over many years to securing justice and improved conditions for the people of the Highlands and Islands. Such intervention and support is still required to resolve ongoing challenges. Where to start?

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

Read more about:

Related Articles