Beachd Ailein with Allan Campbell

Want to read more?

We value our content and our journalists, so to get full access to all your local news updated 7-days-a-week – PLUS an e-edition of the Oban Times – subscribe today for as little as 56 pence per week.

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

CHA BHIODH E na annas dhan mhòr-chuid a fhuair frithealadh bhuaithe gun do nochd sgrùdadh air Seirbheis Nàiseanta na Slàinte gum bheil daoine a’ cur luach mhòr air an ìre aire a tha iad a’ faotainn.
A dh’aindeoin gainnead ionmhais agus iomadh targaid a th’ aige ri choileanadh, tha luchd-obrach na seirbheis a’ cosnadh meas agus buidheachas a’ mhòr-shluaigh. Gun teagamh thèid rudan ceàrr aig amannan mar a thachras ann am buidheann mòr sam bith, agus ‘s e fìor bhuidheann mhòr a tha seo le faisg air ceud agus ceathrad mìle luchd-obrach. Agus aig ceann cùise ‘s iad luchd-obrach na seirbheis a tha toirt an toraidh riarachaidh seo dhuinn uile. Gu ìre tha sin fior anns a h-uile suidheachadh far am bheil brìgh na h-obrach na sgàthan air moit an neach-obrach na phroifeiseantachd fhèin.
Bha meas air cosnadh ann an seirbheis na slàinte bho thòisich e seachdad bliadhna air ais ach tha e coltach nach eil dreuchdan a bha uair air am meas nan deagh chosnaidhean le inbhe anns na coimhearsnachdan cho tarraingeach a-nise. Chan ann an obair slàinte a-mhàin a tha trioblaid daoine ùr a thàladh is gainnead nàiseanta cuideachd air luchd-teagaisg agus mòran chomhairlean a’ strì gus luchd-teagaisg làn-thìde a lorg. Suidheachadh doirbh dha luchd-fastaidh le dleastanas laghail seirbheisean foghlaim a lìbhrigeadh, ach theagamh gur iad clann as motha a dh’fhulaingeas ri linn oideachaidh gun stèidh leantainneach.
Carson a tha duilgheadas ann daoine gu leòr a thàladh gu dreuchdan deatamach agus air a bheil uiread de luach ga chur? Bheil cus biurocrasaidh an lùib nan obraichean? Sin gearain a tha bitheanta san roinn phoblaich agus cha deach aig teicneòlas air cur às dha, fhathast co-dhiù. Feumar leasachadh a lorg gu math sgiobalta air na dùbhlain fastaidh anns an dà roinn seo a tha cho bunaiteach ann am beatha na dùthcha, ach ‘s e mo bheachd gum bheil ceistean nas fharsainge a thaobh chosnaidhean rim fuasgladh ann an aithghearrachd cuideachd. Tha sinn uile air fàs cleachdte ri còmhradh mun iomairt aig Breatann sgaradh bhon Aonadh Eòrpaich, agus cha bheag a chluinnear bhon fheadhainn a tha ag iarraidh Brexit mu na cothroman cosnaidh ùra a thig na lùib is luchd-obrach Èorpach eile air am bacadh bho bhith tighinn an seo a dh’obair.
Ach tha fhios gum bheil na h-obraichean sin ann dha Breatannaich an-dràsta, agus carson nach eil iad a’ gabhail nan cothroman? Am bheil Brexit dol a dh’atharrachadh cultar na dùthcha seo? Bheil dùil gum fàs fèin-spèis an t-sluaigh agus gum bi a h-uile duine nas dìcheallaiche agus nas easgaidhe às leth na dùthcha? Hmm!

MOST OF THOSE with experience of the health service will endorse the recent Audit Scotland report which commended staff care and commitment. Teachers are generally equally valued for their work, but both teaching and the health service are experiencing recruitment challenges. Local and national government must ensure that core services which affect the lives of the entire population should always be attractive career options.

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

Read more about:

Related Articles