Beachd Ailein with Allan Campbell

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish)

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

‘S DÒCHA GUM FACA sibh gum bheil Ofcom, riaghladair sheirbheisean craolaidh is conaltraidh, a’ beachdachadh air fàs mòran nas cruaidhe air na buidhnean a tha a’ toirt seachad sheirbheisean bann-leathann.

Nuair a tha na buidhnean sin a’ reic an cuid sheirbheisean bidh iad a’ gealltainn cumhachd agus astar àraid bann-leathann gus daoine a thàladh thuca, ach a rèir coltais chan eil na seirbheisean aig a’ mhòr-chuid aca a’ coileanadh nan astair sin ach an-dràsta ‘s a-rithist. Cuid mhòr dhen ùine tha ìre nan seirbheisean fada gann air na chaidh a ghealltainn agus tha luchd-ceannach a’ pàigheadh airson seirbheis nach eil iad a’ faotainn. Ach ciamar a thèid aig Ofcom air riaghailtean ùra sam bith air ìre sheirbheisean a chur an gnìomh far nach eil tuigse aig a’ mhòr-chuid air co-dhiù tha iad a’ faotainn nan astair cheart gus nach eil. Tha Ofcom a’ gabhail ris a’ bheachd nach eil na buidhnean a tha a’ lìbhrigeadh sheirbheisean bann-leathann idir ri foill a dh’aon ghnothaich, ‘s e laigsean teicneòlais ma choinneimh ìre agus fàs iarrtais seirbheis am prìomh dhùbhlan.

Ach theagamh nach bi cuid idir cho Crìosdail nam beachd air feadhainn de na buidhnean-lìbhrigidh sheirbheisean. Ghluais mi fhìn bho bhith a’ ceannach cumhachd bho chompanaidh an dèidh faisg air deich bliadhna cuide riutha is mi dol a chaomhnadh ceudan not sa bhliadhna. Cha bu tàrr dhomh innse gun robh mi gam fàgail nuair a thòisich iad a’ tabhann shàbhalaidhean mòra, ach saoilidh mi gum bheil rudeigin mì-onarach mun dòigh-obrach sin nuair a dh’fhaodadh iad a bhith air an lùghdachadh prìse sin a thairgsinn aig toiseach cùise!

Agus tha an aon sgeulachd againn mu phrìsean leithid àrachais thaighean is charbadan far am faicear companaidhean a’ tairgsinn prìs gu math nas saoire dha neach-ceannach ùr fhad ’s a tha iad ag iarraidh tòrr a bharrachd air duine a th’ air a bhith còmhla riutha fad bhliadhnaichean. Bha uair ann far an robh dìlseachd bunaiteach ann an dòigh-beatha an t-sluaigh is daoine a’ cumail leis na h-aon luchd-lìbhrigidh sheirbheisean agus eòlas is earbsa a’ fàs eatarra, ach tha sin an ìre mhath air falbh agus an-diugh feumaidh a h-uile duine sabaid airson a chòraichean fhèin gach latha.
Ach anns a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail a thòisicheas a-màireach ann an Loch Abar cuiridh mi geall gum bi farpais, càirdeas, agus mòran coibhneis mar is dual am measg nan Gàidheal.

AS OFCOM considers tightening control on minimum levels of internet service provision to ensure customers get the connection speeds they are paying for, many people are also frustrated by suppliers of such services as property and motor insurance quoting wildly different prices for identical cover. Customer loyalty doesn’t appear to be valued any longer and regular change of service provider seems to be the new norm.

The opening of the 2017 Royal National Mòd in Lochaber tomorrow will herald strong competition, but also the friendship and hospitality that is natural to the Gael.

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk