Beachd Ailein with Allan Campbell

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish)

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

‘S E LÌONMHORACHD nan làmh a nì an obair aotrom! ‘S cinnteach gum bheil a’ mhòr-chuid agaibh eòlach air an t-seanfhacal sin, agus nach bu mhath ma dhearbh eòlas beathadhuibh gum bheil e fìor.

Mar a tha mi air innse dhuibh aig amannan eadar-dhealaichte thar bhliadhnaichean, tha ùidh mhòr agam fhìn ann an obair-leasachaidh, neo DIY mar a theirear ris anns a’ bhitheantas, agus thòisich mi air pròiseact mhòr aig an t-seann dachaigh teaghlaich ann an Caileabost san Eilean Sgitheanach anns an earrach an-uiridh. Fad deich bliadhna roimhe bha mi a’ beachdachadh air an obair a dhèanamh ach a dh’aindeoin a bhith a’ dealbh na bha mi ’g iarraidh agus a’ tomhas is a ‘ cruthachadh’ a liuthad plana, bha daonnan rudeigin eile a’ tighinn san rathad agus cha do thòisich obair sam bith.

Ged nach tuirt duine aca dad, cha b’ iongnadh leam ged a bhiodh cuid den teaghlach air fàs sgìth gam èisteachd a’ bruidhinn air na bha mi a’ miannachadh ‘s gun mi a’ dèanamh gluasad air! Chan eil teagamh nach robh mi air a bhith mòran na bu dhealasaiche nan robh mi air a bhith mothachail air mar a bha riaghailtean obair-togail ag atharrachadh, gu sònraichte ri linn ìrean còmhdach blàiths, agus a’ bhuaidh a bh’ aig sin air cosgaisean ùrachaidh agus leasachaidh thogalaichean.

Thuirt ailtire rium gun robh e fhèin den bheachd gun robh cosgais na bha mise a’ cur romham aig an t-seann taigh air a dhol suas a thrì uiread thar beagan is deich bliadhna.

Aig deireadh cùise agus mar a tha cho tric fìor, b’ e èiginn a ghluais an obair! Thàinig droch aoidion air mullach pàirt den t-seann chidsin agus cha robh ciall gu bhith ann an cosgais càraidh ma bha sin gu bhith ga chur às a chèile a-rithist airson an leasachaidh. Tha sibh air farchluais agus boillsgidhean fhaotainn den phròiseact thar nan ochd mìosan deug a chaidh agus ‘s dòcha gun d’ fhuair sibh beagan tuigse air a’ mhisneachadh adhartais, agus an tàmailt dàil, a th’ air a bhith an lùib na h-obrach. Ach tha mi a’ sgrìobhadh seo is clach-mhìle shònraichte air fàire, is mi an dòchas gum bi siostam teasachaidh an taighe a’ dol às ùr taobh a-staigh beagan làithean. Nì sin feum dhan taigh agus dhuinn uile a th’ air a bhith an sàs san leasachadh, agus bidh fiughair ri cruinneachadh ann mu àm Nollaige, toradh coibhneis agus deònachd bhall teaghlaich, charaidean, agus luchd-cèaird.

Am measg mòran a tha ri tachairt roimhe sin tha Mòd Nàiseanta Rìoghail ann an Loch Abar, tachartas eile nach biodh ann mura b’ e spàirn saor-thoileach mhòran. Mo mhìle taing agus beannachd aca uile.

The Royal National Mòd 2017 in Lochaber will be another exceptional demonstration of community commitment to Gaelic language and culture. Surely any cause that continuously attracts so much good will from so many thousands deserves success, and Gaelic users and learners everywhere should carry this culture with pride.

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk