Beachd Ailein with Allan Campbell

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish)

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

CHAN E ANNAS a th’ anns an naidheachd mu dheuchainnean air làraidhean-bathair a’ siubhal fo smachd choimpiutairean ann am Breatainn ro dheireadh na bliadhna.
Tòisichidh na deuchainnean aig ionad-rannsachaidh ach tha dùil gum bi seo ga dhearbhadh air prìomh rathaidean ro dheireadh na-h- ath-bhliadhna. Chaidh leithid fheuchainn san Òlaind mar-thà le dà charbad a’ siubhal sròn ri earball ann an structar ris an canar “platoon”, ach tha Obair-lann Còmhdhail (TRL) Bhreatainn dol a dh’fheuchainn sreath de thrì làraidhean às dèidh a chèile.
Ged a bhios draibhear anns gach carbad aig an ìre seo, ‘s ann aig an dràibhear a tha air toiseach na sreatha a bhios smachd air astar is mar sin air adhart, ach bidh gach dràibhear a’ stiùireadh a charbad fhèin. Ri linn iad a bhith fo smachd choimpiutair bidh na làraidhean a’ siubhal mòran nas dlùithe air a chèile na ‘n àbhaist agus leis gum bi na dhà a th’ air deireadh ann am fasgadh na tè air toiseach, thathas a’ cumail a-mach gun caomhain sin mu dheich sa cheud ann an connadh leis an aon ìre dìon air an àrainneachd.
‘S fhada bho chualas an toiseach gur e airgead a tha a’ riaghladh an t-saoghail, agus ‘s e na sàbhalaidhean a thathar a’ gealltainn an lùib nan innleachdan seo a chumas na deuchainnean a’ dol chun an ruigear ìre far nach bi feum air dràibhearan làraidh idir! Saoilidh mi gum bi greis thuige sin ged-thà, agus na mo bheachd fhìn cha tig latha far an obraich carbadan sam bith gun dràibhear air rathaidean cumhang shingilte na dùthcha.
‘S e fìrinn na cùise gum bheil an t-uamhas charbadan a’ siubhal an seòrsa rathaidean sin an-dràsta fhèin, air Ghàidhealtachd co-dhiù, agus gu dearbh dh’fhaodar a ràdh nach eil dràibhear annta leis cho beag tuigse ‘s a th’ aca.
Bho chionn beagan làithean dh’fhoillsich an Riaghaltas gum bheil dearbhadh cead-dràibhidh na dùthcha a-nise dol a dh’iarraidh eòlas air modh dràibhidh mòr-rathaidean. Chan eil duine nach aontaich gur e gluasad thùrail a tha sin agus rud a chuireas ri sàbhailteachd siubhail feadh na dùthcha.
Le dearbhadh nàiseanta gum bheil deich uimhir de thubaistean air rathaidean singilte na dùthcha na th’ air mòr-rathaidean, saoilidh mise gur còir dhan deuchainn dràibhidh cuideachd eòlas iarraidh air rathaidean singilte. Cha chuireadh sin stad air tubaistean ach chuidicheadh e dràibhearan tuigse fhaotainn air leud agus fad an cuid carbad, gun iomradh air leud an rathaid agus nach fhaigh dà charbad seachad air a chèile air slighe shingilte. Cha chan mi guth mu dhìth comais carbad a stiùireadh an comhair a chùil.

MOTORWAY DRIVING experience in driving tests makes sense, even if driverless trucks were not about to appear.
But with 10 times more accidents on single-track roads, surely knowledge of driving these should also be included. Drivers might learn to judge the width and length of their vehicles; that they cannot pass on single tracks; and some might even learn to reverse.

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk