Beachd Ailein with Allan Campbell

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish)

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

CHO GIONACH RI CÙ! Sannt gun sonas, èiridh an donas dha! Thèid an sannt os cionn na h-aithne.
Sin beagan de na seanfhacail sa Ghàidhlig mu shannt agus tha iad nan dearbhadh gun robh eòlas gu leòr aig Gàidheil air a leithid! Agus carson nach biodh oir tha fhios gum bheil sannt cho nàdarra ri aomadh sam bith ann an nàdar an duine, agus theagamh mar a tha mòr-shluagh coimhearsnachd a’ “faotainn air adhart” gum bheil sannt nas buailtiche buileach.
Bidh cuimhne aig mòran air a bhith a’ cluinntinn mu dhaoine nach gabhadh riarachadh.
Co-dhiù a bha iad ag iasgach neo ri obair-foghair chan fhaigheadh iad an leòr agus ged a bha eòlas agus ionnsachadh coimhearsnachd, sgoile, agus eaglaise ag innse gun robh leithid seo ceàrr bha iad air am beò-ghlacadh le sannt.
Ach gu h-inntinneach agus a dh’aindeoin sin, a rèir coltais bha mòran de na daoine sin glè fhialaidh ann a bhith a’ cuideachadh dhaoine eile.
Ged is docha nach sùilicheadh neach gun lorgar spiorad carthannais agus sannt an lùib a chèile bha sin a’ tachairt, agus gun teagamh bha an dàrna coibhneas gu ìre a’ mathachadh a’ pheacaidh eile. Mar a tha fios againn bha aoigheachd na phàirt cudromach de chultar nan Gàidheal agus ‘s fhìor thoil leam fhìn an sgeulachd air mar a bhiodh ‘roinn a’ choigrich’ ga chomharrachadh aig àm bìdh ge b’ e dè cho gann ‘s a bhiodh stòras teaghlaich.
Tha sinn fhathast moiteil às a’ chliù a th’ againn a thaobh aoigheachd agus gu dearbh tha gnìomhachas an turasachd air Ghàidhealtachd air buannachadh gu mòr à sin thar iomadh bliadhna. Ach mar a tha fìor a thaobh inbhe sam bith, feumaidh an gnìomh a bhith daonnan a’ dearbhadh a’ chliù, agus tha sin da-rìribh fìor a thaobh an fhàilte a gheibh luchd-turais air Ghàidhealtachd. Chan eil sàr chliù furasta a cosnadh agus saoilidh mi fhìn gum bheil dleastanas gu math cudromach air muinntir a’ ghnìomhachais aoigheachd air Ghàidhealtachd dèanamh cinnteach gun glèidh iad an teisteanas a th’ aca.
Chan eil mi idir a’ tuigsinn ciamar a tha cuid de dh’ òstairean Inbhir Nis a’ sùileachadh gun dèan iad sin is iad a’ sìor àrdachadh phrìsean sheòmraichean, chun na h-ìre ‘s gum bheil cuid nas daoire na bhiodh an leithid ann am baile mòr Lunnainn. Tha iad a’ dìon an cuid sannt ag ràdh gum bheil a leithid de dh’ iarratas ann is gum faigh iad na prìsean sin, agus gum bi geamhradh tana romhpa. Mar a bi iad faiceallach ‘s dòcha gun lean an tanalach sin seachad air a’ gheamhradh. Aig prìsean den t-seòrsa seo cha b’ iongnadh cuid a’ ràdh gun iarradh iad an leabaidh a thoirt leotha dhachaigh leis gun robh iad air a ceannach!

INVERNESS HOTELIERS’ decision to charge exorbitant prices for accommodation in response to heavy visitor demand surely risks damaging their own and the Highlands’ precious reputation for hospitality. Service should be based on value, not greed.

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk