Beachd Ailein with Allan Campbell

Want to read more?

We value our content and our journalists, so to get full access to all your local news updated 7-days-a-week – PLUS an e-edition of the Oban Times – subscribe today for as little as 56 pence per week.

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

CHAN EIL TEAGAMH nach robh milleanan luchd-cleachdaidh British Gas air an tàmailteachadh nuair a nochd a’ bhuidheann sin àrdachadh prìs dealain de 12.5 sa cheud is ceannard na buidhne ag argamaid gum feumadh iad seo a dhèanamh gus cosgaisean malairt is rianachd a bharrachd a chòmhdach.

Ged a tha roghainnean againn uile a thaobh càite an ceannaich sinn connadh na dachaigh, agus feumte aideachadh gum bheil Riaghaltas is eile gar brosnachadh gu bhith a’ rannsachadh nam prìsean as fheàrr, saoilidh mi gum bheil mòran nach eil a’ faireachadh deònach neo air chomas cumail an sàs bitheanta san seòrsa rianachd sin.

Tha sin a’ fàgail iomadh neach a’ pàigheadh barrachd air na dh’fhaodadh iad agus a’ faireachadh caran mi-chomasach air cothachadh ris na companaidhean mòra aig am bheil greim cho daingeann, agus cho iomlan, air margaid dealain is gas. Ged a tha uallach air oifis margaid gas agus dealain (OFGEM) còraichean luchd-cleachdaidh nan connaidhean sin a dhìon, tha cuid den bheachd nach eil rian gu leòr air na prìsean a tha tighinn air luchd-ceannaich agus gu dearbh, far am bheil an gnìomhachas fo smachd na roinne prìobhaidich, nach eil cus is urrainnear a dhèanamh gus cosgais connaidh a chumail sìos.

Ach tha e na amas aig an Riaghaltas gum bi cosgais connaidh ga chumail cho saor ’s a ghabhas ann am Breatann agus tha Ministearan a’ cur romhpa obrachadh a dh’ionnsaigh an amais sin a ghleidheadh fhad ’s a bhios an dùthaich aig an aon àm a’ coileanadh a cuid dleastanais gus a bhith a’ lùghdachadh truailleadh carbon na h-àrainneachd.

Chan eil leasachadh gun chosgais agus tha mòran ag argamaid gum bheil rannsachadh agus gluasadan a dh’ionnsaigh barrachd cumhachd thuathan-gaoithe agus fairge air cur ris na tha sinn uile air a bhith a’ pàigheadh fad bhliadhnaichean airson ar cuid cumhachd dachaigh.

Tha an Riaghaltas a-nise air rannsachadh a stèidheachadh gus sgrùdadh às ùr a dhèanamh air ciamar as fheàrr a thèid aig Breatann air a cuid amasan uaine a choileanadh agus aig an aon àm prìsean luchd-cleachdaidh a chumail cho ìseal ‘s a ghabhas. ‘S e an t-Àrd-Ollamh Dieter Helm bho Oilthigh Oxford a tha gu bhith os cionn an rannsachaidh ghoirid ach chudromach seo, agus tha Helm air gealltainn gun soilleirich toradh na h-obrach seo an fhìrinn a thaobh cosgaisean cumhachd agus gun toir an aithisg, ris am bheil dùil deireadh an Dàmhair, molaidhean air an t-slighe as èifeachdaiche air adhart. Bidh fiughair aig luchd-cleachdaidh gas is dealain uile ris an aithisg sin, oir dhan mhòr-chuid ‘s e cosgaisean àrda gun lasachadh fìrinn na cùise an-dràsta!

Gas and electricity users will look forward to the outcome of the new independent review of UK energy costs and green target delivery.
Study chairman Professor Dieter Helm is promising that his group’s report, due at the end of October, will separate facts from myths in relation to energy costs. At present increasingly high energy costs are a fact for the majority of householders.

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

Read more about:

Related Articles