Beachd Ailein with Allan Campbell

Want to read more?

We value our content and our journalists, so to get full access to all your local news updated 7-days-a-week – PLUS an e-edition of the Oban Times – subscribe today for as little as 56 pence per week.

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

BHA AN T-UISGE A’ DÒRTADH is mi a’ tilleadh às an Eilean Sgitheanach bho chionn ghoirid agus ‘s gann gun robh an trafaig a’ gluasad is carbad slaodach neo dhà a’ bacadh na bha air an cùlaibh.

Bho mhullach Dhruim nan Cleòc chithinn gun robh sreang de charbadan a’ sìneadh suas ri mìle romham agus ged nach fhaicinn fada às mo dhèidh, bha an loidhne a’ leantainn an sin. Feumaidh tu foighidinn a’ siubhal rathaidean na Gàidhealtachd aig àm sam bith ach tha cùisean gu sònraichte trang le luchd-turais fad an t-samhraidh agus tha mòran a nì gàirdeachas ri sin is iad an eisimeil a’ ghnìomhachais airson bith-beò.

‘S fhada bho thòisich turasachd air buaidh a thoirt san Eilean Sgitheanach agus gu mì-fhortanach dh’fhuiling cànan is cultar dualchasach an àite ri linn. Ged a tha e fìor mhath a bhith a’ faicinn beagan ga dhèanamh tron Ghàidhlig ann a bhith a’ tàladh agus a’ toirt aoigheachd dha luchd-turais, saoilidh mi fhìn gun gabhadh mòran a bharrachd buannachd a thoirt aiste. Tha iomadach bliadhna bho thòisich na Cuimrich air margaideachd turasachd cultarail agus rinn Comunn na Gàidhlig cuideachd oidhirp air turasachd Gàidhlig a bhrosnachadh beagan is fichead bliadhna air ais.
Aig an àm bha sinn gu math mothachail gum feumte ‘bathar’ iomchaidh a chuireadh taic ris a’ chànan gus leithid seo de thurasachd a thoirt air adhart.

Thar nam bliadhnaichean tha beagan a bharrachd stuthan cultarail air nochdadh ach gun teagamh tha e doirbh an gnìomhachas fhàs luath far nach eil a’ mhargaid fhathast cho làidir ‘s a dh’fheumte gus airgead a chosg a’ cruthachadh bathar ùr. Ach mar a tha na fèisean ciùil uile a’ dearbhadh, chan eil teagamh nach eil na h-ealain Ghàidhlig nan tarraing agus tha an luchd-ciùil againn a’ cosnadh cliù eadar-nàiseanta agus a’ cur gu mòr ri inbhe a’ chànain.

‘S e leasachadh eaconamach buannachdail da-rìribh a tha seo dhan Ghàidhlig agus is còir togail air gus an tuilleadh chothroman cosnaidh de gach seòrsa a chruthachadh feadh na Gàidhealtachd.

Mar as motha thig Gàidhlig gu bhith na meadhan cosnaidh ‘s ann as làidire a bhitheas i anns na coimhearsnachdan agus anns na dachaighean, dà phrìomh amas ann am Plana Nàiseanta na Gàidhlig.

Chan e a-mhàin turasachd cultarail a dh’fheumas taic bathair agus ghoireasan, tha an aon rud fìor a thaobh gnìomhachas aoigheachd anns an fharsaingeachd, agus ged a tha na sporain poblach gann de stòras, feumar dèanamh cinnteach gum bheil seirbheisean iomchaidh agus dòigheil ma choinneamh nan daoine a tha a’ tighinn nan dròbhan chun na Gàidhealtachd is dha na h-Eileanan. Meal an naidheachd air muinntir Mhinginish san Eilean Sgitheanach a tha a’ leudachadh pàirce chàraichean airson dèiligeadh ris na mìltean a tha a’ tadhal air “glumagan nan sìthichean” air Allt Coir’ a’ Mhadaidh.

Congratulations to Minginish community in Skye on their initiative to enlarge the car park and create new facilities for visitors to the famed Fairy Pools near Glen Brittle. Hopefully a problem resolved with a business solution.

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

Read more about:

Related Articles