Beachd Ailein – with Allan Campbell

Want to read more?

We value our content and our journalists, so to get full access to all your local news updated 7-days-a-week – PLUS an e-edition of the Oban Times – subscribe today for as little as 56 pence per week.

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

A’ SIUBHAL CHUN an Eilein Sgitheanaich tràth madainn Dhisathairne seo chaidh, bha an aimsir cho fliuch, dorcha agus mì-thlachdmhor ‘s gun robh faclan a’ bhàird a’ tilleadh thugam air mar a bhiodh ‘geamhradh is samhradh a’ cogadh le chèile’.
Ach thog an latha air tràth feasgar agus chan fhaca sinn an còrr uisge chun an d’ ràinig sinn Gleann Seile is sinn a’ tilleadh. Cha b’ iongnadh leam sa mhadainn na bha de charbadan a’ togail a-mach bhon iar a’ teicheadh bhon uisge. Sin mar a bha riamh le mòran luchd-turais, seunta le maise agus sìth àrainneachd nan eileanan nuair a tha an aimsir fàbharach ach air an tàmailteachadh le mar a dh’atharraicheas cùisean cho luath.
Ach mar a dh’innseas croitear, tuathanach, neo gàirnealair sam bith dhuinn, bha an talamh feumach air uisge agus eadar na fhuaras den sin bho chionn ghoirid, agus blàths, tha fàs da-rìribh air a bhith ann. Fàs air planntrais agus luibhean, agus an cois sin fàs air obair-àiteachais!
Tha mi fhìn moiteil leis mar a tha na chuir mi anns a’ ghàrradh a’ tighinn air adhart agus tha dùil agam ri flùraichean air a’ bhuntàta thràth taobh a-staigh seachdain. ‘S dòcha gum bheil mise agus mòran eile gar mealladh fhèin ach saoilidh mì nach eil dad nas blasta na buntàta ùr a chaidh a chur agus fhàs aig an dachaigh, agus bidh cuimhne aig mòran agaibh tha mi a’ creidsinn air a bhith ag ithe leithid sin anns an Iuchar le rionnach a bh’ air a bhith ann an salainn fad oidhche. Air m’ onair dh’itheamaid ar corragan às a dhèidh. Bha na cuimhneachain sin a’ dol trom inntinn air mo shlighe air ais Disathairne agus miann orm faotainn a dh’iasgach an rionnaich, neo liùgh, neo gu dearbh dad a ghabhadh glacadh.
Bha an seòl-mara sònraichte nuair a bha mi a’ tighinn tron Dòrnaigh is sruth-lìonaidh bras a’ cur cuairt-shruth air aghaidh na mara, agus bha farmad agam ris an fheadhainn a bh’ air cladach len cuid shlatan. Tha mi ’n dòchas gun d’ fhuair iad luach an saothrach.
Bha mi a’ smaoineachadh cuideachd, mar a bhitheas mi tric a’ dèanamh air an t-slighe seo, mar a tha uimhir gun atharrachadh fad linntean a dh’aindeoin iomadh car an t-saoghail. Tha ràithean a’ tighinn ‘s a’ falbh, beagan nas luaithe saoilidh mi mar as sine a tha mi a’ fàs, agus àm fàis is buain nàdair nan cois. Ach air an turas seo gu sònraichte bha e do-sheachanta gun a bhith a’ beachdachadh air toradh Taghaidh Coitchinne nàiseanta agus buaidh deamocrasaidh air riaghladh na dùthcha againn. Saoilidh mi nach eil sin idir gu bhith cho leantainneach ri nàdar, a’ chiad ghreis co-dhiù!

TRAVELLING west, I frequently reflect on the timeless majestic beauty of the scenery through its seasons.
On my journey last Saturday it was impossible not to think also of the impact which democracy has made on our country’s government in the short to medium future.

Ailean Caimbeul  (Allan Campbell)
ailean@obantimes.co.uk

Read more about:

Related Articles