Beachd Ailein – with Allan Campbell

t13-allan_campbell-1no

Want to read more?

We value our content and our journalists, so to get full access to all your local news updated 7-days-a-week – PLUS an e-edition of the Oban Times – subscribe today for as little as 56 pence per week.

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

CHAILL SINN SÀR GHÀIDHEAL nuair a chaochail Ailig “Hearach” Dòmhnallach bho chionn ghoirid, agus bidh sinn ag ionndrainn guth deagh chraoladair agus duine coibhneil, blàth, agus còir na dhòigh. Tha mi moiteil clach a chur air càrn caraid.
Ged a tha na faclan ‘sàr Ghàidheal’ bitheanta chan eil tomhas mionaideach air dè a tha a’ fàgail neach seach neach eile airidh air leithid de mholadh, agus aig deireadh cùise ‘s e beachd pearsanta dhaoine fa leth a bhios ann. Ach theagamh gum bheil an t-urram nas motha buileach leis gur iad daoine eile a tha a’ dèanamh a’ cho-dhùnaidh anns an dòigh seo.
‘S cinnteach gur e na rinn duine de “mhath” dha daoine eile tè de na slatan-tomhais a bhiodh nàdarra ann am measadh air sàr neach sam bith, agus tha sin a’ togail na ceiste an e sàr dhuine a th’ ann an Ceann-suidhe Ameireagaidh a loisg urchraichean air an ionad-adhair ann an Siria bhon d’ fhalbh na bomaichean gas a thuit air baile Khan Sheikhoun air an t-seachdain seo chaidh.
A rèir aithris chaidh faisg air ceud a mharbhadh agus ceudan an leòn nuair a spreadh an gas sarin bho na bomaichean agus tha dùthchannan an t-saoghail, ach a-mhàin an Ruis, a’ fàgail an uilc seo an urra ri riaghaltas Shiria.
Tha Bashar al-Assad air na casaidean sin àicheadh ach tha fios gun do cheadaich e an aon seòrsa ionnsaigh faisg air Damascus mu cheithir bliadhna air ais, a’ marbhadh mìle is ceithir cheud neach, a’ fàgail teagamh mòr na chuid onarachd. Chuir dealbhan chloinne a’ tachdadh le dìth analach sgreamh air daoine cearta feadh an t-saoghail agus fhuair Dòmhnall Trump moladh airson ionnsaigh a thoirt air an ionad bhon tàinig na bomaichean.
B’ e atharrachadh barail a bha seo dha Trump air gnothaich a ghabhail ri Siria agus rinn ionnsaigh air iomairt anns am bheil an Ruis nam pàirt cron cuideachd air a’ chàirdeas eadar cinn-suidhe Ameireagaidh agus an Ruis.
A dh’aindeoin a’ mholaidh a fhuair e bho chuid de dhùthchannan, tha dragh air eòlaichean eadar-nàiseanta nach eil poileasaidh neo innleachd mhionaideach sam bith air chùl na rinn Trump, neo gu dearbh a’ cumail stiùir air a’ mhaoidheadh aige air Corea a Tuath. Ach mar a thuirt am feallsanaiche Edmund Burke, ‘s e dìomhanas dhaoine matha a cheadaicheas buaidh an uilc, agus tha sinn a’ tilleadh chun cheist an e sàr dhuine a rinn dìoghaltas às leth na dh’fhuiling ann an Khan Sheikhoun?
Air neo am bu chòir faighneachd dè an t-eadar- dhealachadh a th’ anns gach marbhadh a th’ air a bhith a’ dol fad sia bliadhna a-nise ann an Siria, ‘s gun choltas crìche air.
Saoilidh mise gum bheil am fear bàn astar mòr bho inbhe shàr Ghàidheal fhathast.

IF, AS BURKE SAID, all that is necessary for the triumph of evil is that good men do nothing, does Trump’s intervention in Syria make him a ‘good man’? Or was this a knee-jerk reaction without coherent strategy?

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

Read more about:

Related Articles