Beachd Ailein: Ailean Caimbeul

Want to read more?

We value our content and our journalists, so to get full access to all your local news updated 7-days-a-week – PLUS an e-edition of the Oban Times – subscribe today for as little as 56 pence per week.

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

DÈ AN COMHARRA a b’ fheàrr air leasachadh sìde agus toiseach an earraich na seillean mòr air doras-aghaidh an taighe an-diugh sa mhadainn.
Le aimsir a’ fàs nas coltaiche tha mi air a bhith a’ cuimhneachadh mar a bhiodh, ri àm m’ òige, fir a’ bhaile a’ cur faobhar ri sgèinean nan toirsgeir (iarainn-mhòna a chanadh sinne) is àm buain na mòna a’ teannadh dlùth. Fada roimhe sin bhiodh a’ mheirg air a cur far nan spaidean is a h-uile oisean talamh-àitich air a ruamhar gu mionaideach le todhar innearach ga phasgadh fodha.
Bha creideas mòr aig daoine ann an todhar feamad cuideachd, agus ‘s iomadh neach a bha claoidhte a’ slaodadh brùchd bhon chladach le cliabh gus làrach cur buntàta a chòmhdach toiseach a’ gheamhraidh. Le eòlas ghinealaichean aig daoine a bha air a bhith ag obair gun tractar neo fiù ‘s each bha fios aca gun robh brùchd cuideachd sònraichte math airson talamh làidir a phronnadh agus a dhèanamh nas fhasa a thionndadh.
Far an robh cruitean gu math beag aig mòran, dh’fheumte a h-uile òirleach a chur gu feum agus tha cuimhn’ agam mar a bhiodh cuid a’ ruamhar nan ceannamhagan air am biodh na h-eich a’ tionndadh leis a’ chrann.
Dh’fhàs cùisean na b’ fhasa nuair a thòisich tractaran ri nochdadh ach bha leithid am Fordson trom agus mì-shùbailte ri leithid treabhadh agus dh’fheumadh e fiù ’s barrachd ceannamhag na each, agus air iomadach cruit cha robh farsaingeachd den t-seòrsa sin ri lorg.
‘S ann nuair a thàinig am ‘Fergie Beag Glas’ toiseach naoi-deug is na caogadan a fhuair croitearan agus tuathanaich bheaga an t-saoghail an cuideachadh a bu mhotha, agus tha buannachd na h-innleachd aig an Èireannach Harry Fearghasdan a’ leantainn chan ann a-mhàin anns na seann tractaran glasa a tha a’ dol fhathast ach ann an tractaran ùra cuideachd.
‘S e duine beag a bh’ anns an Fhearghasdanach agus a’ fàs suas air tuathanas faisg air Beul Feirste ghabh e gràin shònraichte air treabhadh le eich. Cha b’ e a-mhàin na h-aona mìle deug a dh’fheumadh
treabhaiche a choiseachd gus acaire talmhainn a threabhadh, ach an spàirn throm a bh’ air a’ tiùireadh agus a’ cothromachadh a’ chruinn.
Thug Harry bliadhnaichean a’ dealbhadh am ‘Ferguson system’, ach le innleachd a thug cothrom dhan tractar innealan leithid cruinn is gearradairean-feòir a thogail is an giùlan, thog Harry cuideachd tomhas mhòr den eallach a bh’ air luchd-obrach fearainn.
Bhiodh mo charaid Dòmhnall MacLeòid nach maireann à Baile a’ Chaisteil ag ràdh gun d’ rinn Harry Fearghasdan barrachd dha croitearan agus tuathanaich bheaga na rinn duine eile riamh.

ONE of my earliest childhood memories is the screech of gulls following the plough of a grey Ferguson tractor and the scent of its paraffin fuel on the air.
The Board of Agriculture helped by providing the tractors, but it was the ingenuity of the Irish engineer Harry Ferguson which delivered a lasting benefit to crofters and small farmers worldwide.

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

Read more about:

Related Articles