Beachd Ailein – Allan Campbell

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available on subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

DH’FHÀG AN DÀRNA cogadh m’ athair a’ fulang chonbhoidhean a’ Chabhlaich Mharsanta thar a’ Chuain an Iar agus dhan Ruis.
Bho àm gu àm dh’innseadh e mu àitichean air an do thadhail e agus am measg nan sgeulachdan sin bha iomradh air co-dhiù dà thuras far an do dh’fhuirich e an New York fad ùine air a shlighe gu ruige Galvaston agus bàtaichean ùra a bha gan togail an sin. Tancairean beaga a bh’ ann a dhà dhiubh, an MS Spindletop agus an MV Salt Flat, a thàrr slàn à conbhoidhean ann an 1943 agus 1944.
‘S ann nuair a leugh mi mun staid thruagh sa bheil am bàta ainmeil Queen Mary aig Long Beach ann an California a chuimhnich mi m’ athair ag innse mu na tursan fada air trèana a dh’ionnsaigh Galvaston. Shiubhail e gu ruige New York air a’ Queen Mary agus bhiodh e a’ cuimhneachadh air mar a bhiodh i a’ stiùireadh cùrsa cuagach tron latha gus a dhèanamh nas dorra dha bàta-aigeil cuimseachadh oirre, ach nuair a thigeadh dorchadas bha i a’ dèanamh cùrsa dìreach air port aig astar mòran na bu luaithe na bha aithnichte a bhith na comas.
Bha ceudan thunnaichean concrait na sròn eagal ‘s gum feumadh an sgiobair ionnsaigh a thoirt air nàmhaid. Tuath air Èirinn ann an 1942, ri linn mearachd maraireachd, thàinig am bàta-cogaidh HMS Curacoa a bha ga dìon air a’ chuid mu dheireadh dhe a slighe gu ruige Breatann ro fhaisg agus rinn an “Taibhse Liath” (Grey Ghost) mar a b’ aithne an Queen Mary aig àm a’ chogaidh dà leth dhen Churacoa.
A rèir fianais chuid air bòrd Queen Mary, spreadh an Curacoa agus chaidh i à sealladh ann an sia mionaidean. Chan fhaodadh am bàta mòr stad agus ged a bha i air a milleadh chùm i air a slighe aig astar nas maille gu ruige port ann an Alba. Chailleadh 338 den 439 a bh’ air bòrd Curacoa agus chaidh cuirp mhòran dhiubh air tìr air cladaichean an iar na Gàidhealtachd, agus tha cuid air an tiodhlacadh ann am Breacais san Eilean Sgitheanach agus ann an Àrasaig. Chaidh an tubaist uabhasach seo a chleith aig an àm agus ‘s ann nuair a chrìochnaich an cogadh a thàinig làn-fhios am follais.
Tha e coltach gun cosgadh e còrr math air dà cheud millean dha na h-Ameireaganaich an Queen Mary a chàradh agus ged a tha buill Pàrlamaid is eile an seo a’ moladh a gleidheadh agus fiù ’s a toirt air ais gu Cluaidh, saoilidh mi gum bheil leithid de chosgais doirbh fhìreanachadh aig àm far a bheil uimhir eile ga chall ri linn ghàinne ionmhais.

WHILE the Queen Mary is an icon of Scottish industrial prowess, the time to have saved her for this nation was surely before she was sold and butchered for floating entertainment at Long Beach! Let’s remember her great days in war and peace, and honour all who sailed in her.

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk