Beachd Ailein – Allan Campbell

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish)

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

MAR A THA GACH BLIADHNA a’ dol seachad tha beatha làitheil a’ mhòr-shluaigh ga leasachadh le goireasan de gach seòrsa, agus cuideachd le adhartasan ann am bacadh tinneis agus leigheas slàinte. ‘S e fìrinn na cùise mar a tha ùine dol seachad gum bheil sinn a’ call sealladh air na sochairean sin a th’ againn agus sinn ‘s dòcha fiù ‘s neo-ar- thaingeil orra, a’ gabhail riutha mar chòir seach mar bhuannachd beatha. Nach tric a chluinnear daoine ag ràdh mar nach ionndrainn thu goireas chun an tèid àicheadh dhut, co-dhiù ‘s e seirbheis an uisge, dealain, neo togail sgudail a bhiodh ann.
Gun teagamh sam bith tha Seirbheis na Slàinte air fear de na sochairean sin air am bheil sinn a’ cur luach shònraichte agus ‘s e pàirt de thoradh na seirbheis sin gum bheil daoine anns an fharsaingeachd a’ gleidheadh beò nas fhaide. Tha an sìneadh saoghail seo air tachairt beag air bheag thar bhliadhnaichean ach bha mothachadh air agus bha cuideachd tuigse gum faodadh e buaidh a thoirt air cosgais seirbheis slàinte na dùthcha. Le riaghaltas an dèidh riaghaltais ag innse mar a bha iadsan a’ dìon an t-sochair phrìseil seo dhuinn, ‘s iongantach gun robh cus dhaoine a’ gabhail suim mhòr sam bith anns na h-aithrisean mu ionmhas slàinte is sinn uile ga fhàgail aig luchd-poilitigs cùisean a chumail ceart. Ach le dearbhadh a-nise air ìre na fìor èiginn ionmhais a th’ air tighinn ann an Seirbheis na Slàinte ann an Sasainn, tha e follaiseach nach eil cùisean idir air dòigh agus tha e iomchaidh dhuinn uile barrachd ùidh a ghabhail anns na h-atharraichean a dh’fheumas luchd-stiùiridh a chur an gnìomh an sin gus ìre na seirbheis a ghleidheadh agus cosgaisean a chothromachadh ma choinneamh buidseat.
Ged a tha gnothaichean beagan nas fheàrr ann an Alba faodar a bhith cinnteach gum bi, ri tìde, buaidh aig poileasaidhean Shasainn mu thuath cuideachd agus tha feum dìon an aghaidh crìonadh seirbheis. Canar gur e an tomhas as fheàrr air sìobhaltachd sluaigh ìre na h-aire a bheir iad dhan cuid cloinne agus seann daoine, agus tha dùbhlan aig riaghaltas sam bith na h-amasan as fheàrr a lìbhrigeadh ma choinneamh gainnead ionmhais poblaiche. Dh’aidich An Ridire Bruce Keogh, Stiùiriche Seirbheis Slàinte Shasainn, gur e cion ionmhais a th’ air cùl nan sgrùdaidhean a th’ air a bhith a’ gabhail àite feadh nan roinnean slàinte an sin fad còrr air bliadhna, agus ann a bhith ag amas air an luach as fheàrr a bhuinnig às an stòras a th’ aca thuirt e gur dòcha gum feum nas lugha de dh’ionadan a bhith ann agus cuideachd barrachd frithealaidh ga dhèanamh ann an dachaighean an t-sluaigh.

WHILE NHS SCOTLAND currently appears to be slightly healthier than its English counterpart, I suspect it would be wise for us to note English health service delivery changes planned to address a chronic funding deficit there. Changes driven by a shortage of funding are never likely to enhance, or even maintain, current service levels.

Ailean Caimbeul (Allan Campbell)
ailean@obantimes.co.uk