Beachd Ailein – Allan Campbell

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available on subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

THA AN DÀRNA MÌOS den bhliadhna gu bhith seachad agus gu ruige seo co-dhiù ‘s e fìor dheagh gheamhradh a th’ air a bhith againn! Gu dearbh tha an aimsir air a bhith cho tlàth is gun robh caraid ag ràdh rium ‘s e ri spòrs (tha mi a’ smaointinn!) gun robh e am beachd buntàta a chur!

Chan eil e na iongnadh ge-tà gum bheil cuid a’ rabhadh nach eil an geamhradh seachad agus gum faodadh droch shìde agus sneachda tighinn cruaidh oirnn fhathast, ach ged a tha sin ceart tha sinn air stairsich an earraich agus an latha a’ sìneadh is sunnd dhaoine a’ togail às ùr.

Saoilidh mi gum bheil fiù ‘s na h-eòin bheaga air am mealladh leis an tlàths is iad a’ ceilearadh is a’ nochdadh ùidh neadachaidh.

Seo an t-àm den bhliadhna aig am b’ àbhaist dha daoine bhith bruidhinn air “crainnteachd (neo crainntidheachd) an earraich”. Bho thoiseach a’ Ghearrain bhiodh dùil ri gaoth fhuar bhon ear a thiormaicheadh an talamh, agus le beagan reothaidh an cois sin bha cùisean mòran na b’ fhasa airson innearadh.

Bha sin gu sònraichte fìor dhan fheadhainn a bhiodh ag obair le eich is cairtean is na cuibhlichean caola cartach cho buailteach gearradh tro uachdar na talmhainn is a dhol am bogadh. Gu dearbh bha an aon rud fìor fiù ‘s nuair a thòisich tractaran air nochdadh air croitean, ach bha a’ chrainnteachd a’ mairsinn beagan sheachdainean anns an àbhaist agus bhiodh obair-deasachaidh an earraich dèanta gu sgiobalta glan ri linn na tiormachd.

Ach càit’ an deach crainnteachd an earraich? Chan eil cuimhn’ agam cuin a chunnacas beagan sheachdainean de thiormachd den t-seòrsa aig an àm seo den bhliadhna, agus gu cinnteach tha sin na dhearbhadh eile air mar a tha an aimsir againn ag atharrachadh.

Ach ma ghabhas samhla dèanamh leis tha gun teagamh crainnteachd gu math fuar agus goirt a’ bualadh a-rithist air buill, luchd-obrach, agus luchd-pàighidh chìsean chomhairlean na dùthcha. Ged a thàinig crìoch air an reothadh a chuir an riaghaltas air cìsean comhairle Alba agus ged a dh’fhaodas iad suas gu trì sa cheud de dh’àrdachadh a chur an sàs, feumaidh iad fhathast a rèir choltais an tuilleadh ghearraidhean millteach a dhèanamh nan cuid sheirbheisean.

Leis a’ mhòr-chuid againn gu bhith a’ pàigheadh barrachd airson nas lugha de sheirbheis bho riaghaltas ionadail agus nàiseanta cha b’ iongnadh cuid a bhith a’ faighneachd càit am bheil am fàsgadh seo dol a chrìochnachadh. Am bheil latha a’ tighinn far am bi a h-uile seirbheis gan ruith à Dùn Èideann?

OLDER people will recall cold dry periods during February and March much valued by crofters and farmers for early spring work, but the fact that this is a mere memory is further evidence of climate change.

As Scotland’s local government members, employees and taxpayers experience the uncertainty of further cuts, it is little wonder that some are now asking if all services will ultimately be managed from Edinburgh.

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk