Beachd Ailein – 16 an Gearran 2017

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available on subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

SEANN DUAN AGUS SEANN trioblaid is staid nan rathaidean, agus gu h-àraid an fheadhainn as lugha inbhe, air a bhith a’ dol bhuaithe bho chionn bhliadhnaichean ri linn dìth airgid airson càradh iomchaidh a dhèanamh mar a bha feum. Le ionmhas poblach a’ sìor fhàs gann thar nam bliadhnaichean a chaidh seachad tha cùisean air a dhol nas miosa agus ”tuthaganìor fhàs gann thar nam bliadhnaichean a chaidh srgid airson càradh iomchaidh a dhèamnamh oprra a’ dol air tuthagan”, a’ fàgail cuid den uachdar cho garbh ‘s gun saoil thu gum bheil thu a’ siubhal cladaich seach rathad-mòr! Ach dè ghabhas dèanamh is cosgais càraidh rathaidean na dùthcha a-nise aig ìre cho uabhasach àrd? Chan eil dòigh air an tèid aig Comhairlean air pàigheadh airson obair-leasachaidh is iad mar-thà gann air èiginn a’ ruigheachd air cosgais cumail suas làitheil nan rathaidean.

Is uaisle toll na tuthag! Dh’fhaodadh beagan fìrinn a bhith san t-seanfhacal a thaobh èididh fheadhainn a tha gam meas fhèin mar uaislean, ach tha fios agus cinnt agam nach eil luchd-siubhail a tha a’ cosg fortan ann an cìsean de gach seòrsa air carbadan a ruith dol a chur suas leis an t-suidheachadh mòran nas fhaide. Le còmhdhail a’ sìor fhàs cosgail agus damaist bho staid nan rathaidean a’ cur ris a’ chosgais, cha ghabh an dùbhlan seo seachnadh mòran nas fhaide agus feumaidh luchd-riaghlaidh seasamh aige!

Tha mi toilichte fhaicinn gum bheil gluasadan air tòiseachadh a chuidicheas. Mar is aithne dhuinn uile chaidh mòran de rathaidean na Gàidhealtachd is nan Eilean a thogail air mòinteach agus ged a chaidh an tearradh is an leasachadh beagan thar bhliadhnaichean, chan eil bunaitean làidir annta. Chan eil a’ mhòr-chuid aca comasach air cuideam nan uidheaman a tha a’ ruith orra an-diugh a ghiùlan fiù ’s ged a bhiodh na h-uidheaman sin a’ cumail ris a’ chuideam cheadaichte. Ach a rèir choltais, tha mòran a’ giùlan fada bharrachd air na bu chòir agus tha sin a’ dèanamh cron agus a’ cur ri cosgais càraidh, agus tha roinn còmhdhail an riaghaltais am beachd uidheam tomhas cuideam a stèidheachadh ann an rathaidean feadh na dùthcha gus an fheadhainn a tha a’ briseadh an lagh a ghlacadh is a pheanasachadh.

Aig an ìre seo feumaidh luchd-obrach ghoireasan poblach a bhios a’ briseadh an rathaid barantas trì bliadhna a thoirt air a’ chàradh a nì iad air an rathad. Leis gum bheil am barantas sin dol a dh’èirigh gu còig bliadhna tha dùil gun tèid ìre obair-càraidh suas agus gum mair uachdar nan rathaidean nas fhaide

Gun teagamh nì na ceumannan sin feum ann a bhith a’ gleidheadh nan rathaidean, ach feumar an càradh mòr a dhèanamh an toiseach!

 

MOTORISTS WILL BE ENCOURAGED to note plans to identify and penalise overloaded HGVs which damage our roads. Higher standards of surface repair by utility contractors will also be welcome, but much of our roads network is in very poor condition and a comprehensive remedial strategy should be an election issue for vehicle users who are already taxed excessively!

 

 

Ailean Caimbeul (Allan Campbellailean@obantimes.co.uk