Beachd Ailein – 9 an Gearran 2017

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available on subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

THA E DOIRBH A THUIGSINN carson a tha uimhir a ghainne  luchd-teagaisg air nochdadh feadh na dùthcha, ach tha cùisean air ìre a ruigheachd aig cuid a Chomhairlean is gum bheil cunnart ann nach tèid aca air an dleastanas foghlaim a choileanadh.
Dè th’ air tachairt dha ìomhaigh obair a bha cho tarraingeach uaireigin?  Gun teagamh chan eil an saoghal idir cho modhail am measg chloinne neo an cuid phàrantan ‘s a bha agus tha sgeulachdan air a bhith a’ nochdadh fad bhliadhnaichean a-nise a thaobh an seòrsa mì-rian ris am feum mòran luchd-teagaisg dèiligeadh anns na sgoiltean.
Tha e follaiseach gum bheil an t-uallach seo a’ toirt droch bhuaidh air slàinte chuid anns an dreuchd ach tha fhios nach eil sin fìor ach ann an cuid de sgoiltean, agus tha e doirbh a chreidsinn gun tionndaidheadh e mòran dhaoine òga air falbh bho theagasg a thaghadh mar dhreuchd.
Dè ‘s coireach ma-thà? An e gum bheil barrachd chloinne ann na bh’ ann agus gum bheil feum air barrachd luchd-teagaisg? An e gum bheil laghan ùra agus còraichean chloinne a’ dèanamh na h-obrach nas dorra? Neo an e dìreach nam bheil de dh’obair rianachd an lùib na h-obrach?
‘S dòcha gur e aon rud a tha a’ toirt tlachd air falbh bhon obair an ìre, agus cho tric, ‘s a tha poileasaidhean foghlaim gan atharrachadh agus an cuideam a tha sin a’ cur air an fheadhainn a dh’fheumas innleachdan ùra a chur an gnìomh.
Chunnacas cuideachd thar nam bliadhnaichean mar a bha cothrom ann an gnìomhachas a’ tàladh dhaoine le sgilean teagaisg air falbh gu tuarastail nas motha ann an leithid obair na h-ola neo obair-craolaidh, mar a th’ air a bhith fìor a thaobh dhaoine le comasan Gàidhlig.
Thar beagan bhliadhnaichean a-nise tha Comhairle na Gàidhealtachd air a bhith a’ rannsachadh ach an gabh bagaid sgoiltean beaga a chur an urra ri aon cheannard, agus a rèir choltais tha cuisean air obrachadh cho math is gum bheil a’ Chomhairle airson sin a’ sgaoileadh a-mach feadh an cuid sgoiltean.
Tha dòchas aig a’ Chomhairle air caomhnaidhean ann am buidseat an fhoghlaim agus cuideachd leasachadh air na th’ aige de dhreuchdan cheannardan bàn.  Ach mar a bhiodh dùil, chan eil cuid idir ag aontachadh leis a’ ghluasad seo. Tuigear na duilgheadasan a bhiodh a’ nochdadh a thaobh siubhal eadar sgoiltean dùthchail, ach tha cuideachd ceist mhòr aig feadhainn a thaobh èifeachdas a bhith a’ càrnadh tuilleadh rianachd air ceannardan ann an leithid de dhòigh. Feumar an duilgheadas a thaobh a bhith a’ tàladh dhaoine gu ruige obair-teagaisg a leasachadh, agus theagamh nach e a bhith a’ cruthachadh tuilleadh uallaich rianachd dha ceannardan an dòigh as fheàrr sin a dhèanamh.

As councils across Scotland struggle to fill vacant teaching posts, many wonder why teaching appears to have become less popular. While Highland Council’s ‘clustering’ solution for head teachers is understandable, some argue this will not help reinstate the profession as an attractive career.
Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk