Opinion: Beachd Ailein – Ailean Caimbeul

Robert Burns.

Want to read more?

We value our content and access to our full site is only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device.  In addition, your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards.

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish).

Already a subscriber?
Subscribe Now

AN-DÈ AGUS THAR LÀITHEAN gach taobh dheth, tha daoine air feadh an t-saoghail air a bhith a’ cuimhneachadh air a’ bhàrd ainmeil Albannach Raibeart Burns agus chan eil teagamh nach e an t-urram as àirde a gheibh bàrd sam bith gum bi a chuid sgrìobhaidhean gan seinn ‘s gan aithris ceudan bhliadhnaichean an dèidh a bhàis.
Ghlèidh an t-alt a bh’ aig Burns air faclan a shnìomh ri chèile a dh’innse sgeul neo a chur fhaireachaidhean an cèill aire agus meas luchd-leughaidh is èisteachd, co-dhiù a bha e a’ stialladh air cealgaireachd neo a’ bòideachadh gaol air boireannach.
Rugadh agus thogadh Burns ann an dachaigh nach robh air chor sam bith saidhbhir agus dh’fhàg sin gun robh, agus gum bheil gu ìre fhathast, mòr-shluagh feadh an t-saoghail gam faicinn fhèin co-ionann ris agus a’ tuigsinn is a’ creidsinn na chuid dòchais agus fheallsanachd air còraichean mhac an duine.
Sin a dh’fhàg leithid Auld Lang Syne agus A Man’s a Man for A’ That cho aithnichte, agus ‘s dòcha gum bheil seo cuideachd na chomharradh air creideas ann am poilitigs na làimhe clì feadh an t-saoghail.
Cha b’ urrainn dhomh gun a bhith a’ smaoineachadh mu na rudan sin is mi ag èisteachd ri Domhnall Trump ag òraid is e dìreach an dèidh a bhòidean a ghabhail mar Cheann-suidhe Ameireagaidh.
Ged a tha poilitigs Trump daingeann chun na làimhe deise, cha mhòr nach robh cuid de na geallaidhean aige mu chumhachd a thilleadh chun mhòr-shluagh, agus nach d’ rachadh duine a dhìochuimhneachadh tuilleadh, nas coltaiche ri feallsanachd na taoibh clì.
Ach cha robh fianais sam bith air làmh a’ chàirdeis a shìneadh chun an t-sluaigh mhòir nach tug taic dha chuid iomairt; cha robh iomradh air drochaidean a thogail am measg an t-sluaigh gus daoine a thoirt ri chèile.
Cha b’ iongnadh ged a bhiodh mòran amharasach gur e tuilleadh sgaraidh a thig às an fheallsanachd aig a’ Cheann-suidhe ùr seo, gun ghuth air a’ chunnart gum fàg a chuid nàiseantachd Ameireagaidh agus dùthchannan eile an t-saoghail a’ fàs nas fhaide bho chèile agus ri linn sin, bruadar Burns air bràithreachas eadar-nàiseanta agus sìth fiù ‘s nas dorra ruigheachd air.
Feumar cothrom a thoirt dha Trump a chuid sgilean stiùiridh poilitigeach agus dioplòmasach a dhearbhadh le gnìomh agus nach bu mhath gun sealladh a chuid obrach gun robh a h-uile dragh agus teagamh a tha gan nochdadh gun stèidh.
Ach a rèir coltais tha an dùbhlan sin roimhe ‘s dòcha gu ìre ‘s nach robh aig Ceann-suidhe a bh’ air Ameireagaidh fad iomadh bliadhna is na ceudan mhìltean feadh an t-saoghail, agus boireannaich gu sònraichte, a’ togail fianais an aghaidh na chunnacas gu ruige seo de chuid fheallsanachd.

AS ROBERT BURNS’ memory was being marked worldwide many will have been nervously conscious of how little interest the 45th US president has so far shown in uniting his country’s people, let alone sharing the Bard’s toast: ‘The whole of humankind!’

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk